Our Work

In collaboration with www.lovegaelic.com, we produce sound and video recordings for Scottish Gaelic Learners to practice with. Below is a sample of our work (Verb Dialogue Drills) and how it is being used by Love Gaelic as part of their Scottish Gaelic Language Courses.

Am bu toil leat cupa cofaidh òl còmhla rium?

Bu toil. Bu toil leam cupa cofaidh òl còmhla riut.

Nach bu toil leatsa bainne agus siùcar?

Cha bu toil. Cha bu toil leamsa bainne no siùcar idir.

Am bu chòir dhut barrachd leabhraichean a leughadh?

Bu chòir. Bu chòir dhomh barrachd leabhraichean a leughadh.

Nach bu chòir dhutsa barrachd pàipearan-naidheachd a leughadh?

Cha bu chòir. Cha bu chòir dhomhsa barrachd pàipearan-naidheachd a leughadh idir.

An urrainn dhut snàmh?

’S urrainn. ’S urrainn dhomh snàmh.

Nach urrainn dhutsa seinn?

Chan urrainn.  Chan urrainn dhomhsa seinn idir.

An fheàrr leat Gàidhlig a bhruidhinn?

’S fheàrr. ’S fheàrr leamsa Gàidhlig a bhruidhinn.

Nach fheàrr leatsa Beurla a bhruidhinn?

Chan fheàrr. Chan fheàrr leamsa Beurla a bhruidhinn idir.

A bheil thu ag iarraidh obair ùr fhaighinn sam bith?

Tha. Tha mi ag iarraidh obair ùr fhaighinn.

Nach eil thusa ag iarraidh càr ùr fhaighinn?

Chan eil. Chan eil mise ag iarraidh càr ùr fhaighinn idir.

An cuir thu an rothair anns a’ gharaids?

Cuiridh. Cuiridh mi an rothair anns a’ gharaids.

Nach cuir thusa an lomaire-feòir anns an t-seada?

Cha chuir. Cha chuir mise an lomaire-feòir anns
an t-seada.

An tog thu buntàta dhomh?

Togaidh. Togaidh mi buntàta dhut.

Nach tog thusa airgead dhomhsa?

Cha tog. Cha tog mise airgead dhutsa.

An danns thu am Macarena aig a’ chèilidh a-nochd?

Dannsaidh. Dannsaidh mi am Macarena aig a’ chèilidh
a-nochd.

Nach danns thusa Turraban nan Tunnag a-rithist?

Cha danns. Cha danns mise Turraban nan Tunnag idir, idir.

An òl thu uisge-beatha no dhà?

Òlaidh. Òlaidh mi uisge-beatha no dhà no trì.

Nach òl thusa leann fad na h-oidhche?

Chan òl. Chan òl mise leann fad na h-oidhche.

Am feuch thu am freagairt a lorg?

Feuchaidh. Feuchaidh mi am freagairt a lorg.

Nach feuch tusa an lòchran a lorg?

Chan fheuch. Chan fheuch mise an lòchran a lorg.

An do choinnich mi riut roimhe seo?

Choinnich. Choinnich thu rium roimhe seo.

Nach do choinnich thusa mo mhàthair fhathast?

Cha do choinnich. Cha do choinnich mise do mhàthair fhathast.

An do sheinn thu aig a’ Mhòd am bliadhna?

Sheinn. Sheinn mi aig a’ Mhòd am bliadhna.

Nach do sheinn thusa ann an taigh-seinnse a-raoir?

Cha do sheinn. Cha do sheinn mise ann an taig-seinnse a-riamh.

An do ghluais tu gu baile eile an-uiridh?

Ghluais. Ghluais mi gu baile eile an-uiridh.

Nach do ghluais tusa gu Inbhir Nis an t-seachdain sa chaidh?

Cha do ghluais. Cha do ghluais mise gu Inbhir Nis an
t-seachdain sa chaidh.

An do leum thu cas-rùisgte anns a’ Chuain Siar a-riamh?

Leum. Leum mi cas-rùisgte anns a’ Chuain Siar an-dè.

Nach do leum thusa air bòrd a-riamh?

Cha do leum. Cha do leum mise air bòrd a-riamh.

An do dh’ith thu marag-dhubh sa mhadainn?

Dh’ith. Dh’ith mi marag-dhubh sa mhadainn.

Nach do dh’ith thusa cus bhriosgaidean an-diugh?

Cha do dh’ith. Cha do dh’ith mise cus bhriosgaidean an-diugh.

An dèan thu deuchainnean an ath-mhìos?

Nì. Nì mi deuchainnean an ath-mhìos.

Nach dèan thusa measaidhean an ath-sheachdain?

Cha dèan. Cha dèan mise measaidhean an
ath-sheachdain.

An toir thu pòg dhomh?

Bheir. Bheir mi pòg dhut.

Nach toir thusa prèasant dhomh?

Cha toir. Cha toir mise prèasant dhutsa.

An tig thu gu Uibhist an deireadh na seachdaine seo?

Thig. Thig mi gu Uibhist an deireadh na seachdaine seo.

Nach tig thusa gu Ìle an ath-bhliadhna?

Cha tig. Cha tig mise gu Ìle an ath-bhliadhna.

An tèid thu dhan bhaile feasgar seo?

Thèid. Thèid mi dhan bhaile feasgar seo.

Nach tèid thusa dhan taigh-dhealbh a-nochd?

Cha tèid. Cha tèid mise dhan taigh-dhealbh a-nochd.

Am faic thu na caraidean agadsa air TBh?

Chì. Chì mi na caraidean agamsa air TBh.

Nach fhaic thusa do bhràthair aig a’ cholaiste?

Chan fhaic. Chan fhaic mise mo bhràthair aig
a’ cholaiste.

Am faca tu rugbaidh air an TBh a-raoir?

Chunnaic. Chunnaic mi rugbaidh air an TBh a-raoir.

Nach fhaca tusa na naidheachdan an-diugh?

Chan fhaca. Chan fhaca mise na naidheachdan fhathast.

An cuala tu gun do bhàsaich Seòras?

Chuala. Chuala mi gun do bhàsaich Seòras.

Nach cuala tusa gun do phòs Màiri?

Cha chuala. Cha chuala mi gun do phòs Màiri.

An deach thu dhan choille an t-seachdain seo chaidh?

Chaidh. Chaidh mi dhan choille an t-seachdain seo chaidh.

Nach deach thusa dhan ospadal am mìos seo?

Cha deach. Cha deach mise dhan ospadal am mìos seo.

An tàinig thu an-seo na bu tràithe na mise?

Thàinig. Thàinig mi an-seo na bu tràithe na thusa.

Nach tàinig thusa nas anmoiche na esan?

Cha tàinig. Cha tàinig mise nas anmoiche na esan.

An tug thu sùil air na leabhraichean?

Thug. Thug mi sùil air na leabhraichean.

Nach tug thusa sùil air na dealbhan?

Cha tug. Cha tug mise sùil air na dealbhan.